SS Great Western

Great Western ann an Eabhraig Nuadh
Great Western ann an Eabhraig Nuadh

Is e a bha anns an Great Western a chaidh air bochd an 1837, a' chiad long-smuid a chaidh air togail le amas a ruith seirbhis leantainneach thar a' Chuan Siar.

B'e an t-innleadair Isambard Kingdom Brunel a dhealbh i.

Bha an Great Western 212 troigh anns an fhad agus 35 troigh anns an leathad. Bha a meud riomhairichte, a ghiùlain gual gu leor a dhol thar a' Chuain Siar fo chumhachd-smùid a mhàin.

Thogadh i aig Bristol. Bha slige fiodh aice agus bha i uidheamaichte le cuibhlicean-uisge iomanaichte le innlean de 440 Cumhachd-Eich. Bha innlean taobh-luamhanachd aice, eagar de inneal-sàil leasaichte a bha freagarach ri bàtachain-smuid.

[deasaich] Prionsabal Bhruneil

Nuair a bhitheas long a' siubhal tro uisge, bithidh uisge a suathadh seachad air a slige agus cuiridh an suathadh sin forsa bacaidh orra. Mar sin feumaidh do a cuid innealan, neo a cuid seoil a bhith comhnaidh ag obair a bhith ga cumail a' dol. Mas e bàta-smuid a tha innte losgaidh i connadh fad 's a tha a h-innealan ag obair.

Bha Brunel air aithneachadh, gu bheil bacadh air long bho suathadh an uisge a rèir farsuinnead den slige a tha ri aghaidh an uisge. An co-mheas le seo, tha an cuideam connaidh a ghiùlanas i a rèir tomhais-lionaidh an t-slige. Mar sin, airson slige de cruth sam bith, bithidh bacadh a rèir meud cearnaichte ach bithidh comas a ghiùlan connadh (agus mar sin luths a dh'iomain a pein) a rèir meud cubaichte.

Tha e a' leantainn gum bith an astar a bhitheas long-smuid comasach a shiubhal air an connadh a tha i comasach a ghiùlan a rèir fad na luinge.

Canaidh luchd-innlichidh "Prionnsabal Bhruneil" ris an riaghal seo chun latha an diugh.


SEO Tools wymiana linkami wymiana linkami wymiana linkami tanie kredyty gotówkowe kreatyna Plaza 3 star hotel Los Angeles krynica noclegi Sejm Tyk