ToolboxCainntean eile
|
Ludwig van Beethoven'S e neach-ciùil gearmailteach a bh' ann an Ludwig van Beethoven. Chaidh a bhreith ann an 1770 ann am Bonn agus ann an 1772 ghluais e gu Vienna far an do dh'fhuirich e fad a bheatha. Bhàsaich e air an 28mh den Mhairt, 1827. Sgrìobh e ceòl 'clasical' airson a' phiana agus orcastra. 'S e na pìosan as ainmeil a th' aige na 5mh agus 9mh simhnidh, no 'symphonies', agus pìos airson a' phiana 'Für Elise'. Tha a mhòr chuid den bheachd gur è aon de na ceòladairean mòra ann an eachdraidh a th' ann. Nuair a bha e òg b' e cluicheadair piana ealanta a bh' ann agus bha e coiteanta le na h-uaislean agus daoine cùmhachdach ann an Vienna. Anns a' bhliadhna 1801 thòisich e an claisneachd aige a chaill agus dh'fhàs e na bu mhiosa gus, mu dheireadh, bha e bodhar ann an 1817. Ged nach b' urrainn dha pàirt a ghabhal ann an coinneamhan-ciùil tuilleadh bha e fhathast a' sgrìobhadh ceòl agus 's ann anns na bliadhnaichean seo a dh'ùdhdar e na pìosan as ainmeil aige.
|